The Scottish Parliamentary Standards Commissioner Homepage
   
November 2008


  Gaelic

COIMISEANAIR INBHEAN PÀRLAMAID NA H-ALBA

(neach sgrùdaidh neo-eisimeileach air gearanan mu ghiùlan BPA) 

Cò an Coimiseanair?

Is e an t-Oll. Seumas Dyer OBE a’ chiad Choimiseanair Pàrlamaideach airson Inbhean. Thòisich e anns a’ Ghiblean 2003. Chaidh an t-Oll. Dyer a chur an dreuchd an dèidh trusadh le Buidheann Chorparra na Pàrlamaid (le aonta na Pàrlamaid) airson teirm fad trì bliadhna, a ghabhadh ath nuadhachadh airson suas ri còig bliadhna.

Dè bhios an Coimiseanair a' dèanamh?

Bidh an Coimiseanair a’ sgrùdadh ghearanan gun do bhris fear / tè de na BPA Còd giùlain nam BPA. Tha an obair aige neo-eisimeileach bhon Phàrlamaid agus bheir e cunntas dhen sgrùdadh aige dhan Phàrlamaid, ach taobh a-staigh riaghailtean stèidhichte ann an Achd Pàrlamaid: Achd Coimiseanair Inbhean Pàrlamaid na h-Alba 2002.

Tha an Còd-giùlain a’ toirt stiùiridh do Bhuill Pàrlamaid air mar a choileanas iad an dleastanasan. Tha Brisidhean den Chòd a’ gabhail a-steach rudan mar: gun a bhith ruigsinneach gu leòr do luchd-taghaidh, gun a bhith a’ toirt am follais ghnothaichean pearsanta a dh’fhaodadh a bhith a’ tighinn às an rathad air obair Buill, a’ gabhail duais airson cuspairean sònraichte a chur air adhart agus a bhith a’ nochdadh fàbhair do dhaoine a bhios a’ cleachdadh bhuidhnean a tha a’ coiteachadh. Tha an Còd air fhoillseachadh air làrach-lìn na Pàrlamaid ann an duilleagan nam BPA, aig http://www.scottish.parliament.uk/msp/conduct/index.htm. Mura h-eil an t-eadar-lìon agaibh a-staigh, gheibhear lethbhreac le bhith a’ cur brath gu oifis nan Clàrcan airson Comataidh Inbhean na Pàrlamaid aig seòladh na Phàrlamaid gu h-ìseal (Fòn: 0131 348 5177).

Dè nach urrainn dhan choimiseanair dèanamh?  

Bidh an Coimiseanair dìreach a’ sgrùdadh co-dhiù an do rinn am BPA an rud air an deach gearan a thogail gus nach do rinn agus co-dhiù tha sin a’ ciallachadh gun deach an Còd-giùlain a bhriseadh gus nach eil. Tha e an urra ris a’ Phàrlamaid dè bu chòir tachairt ma chaidh an Còd a bhriseadh.

Bidh an Coimiseanair dìreach a’ dèiligeadh ri gearanan mu Bhuill Pàrlamaid, agus chan ann mun luchd-obrach fhèin, no luchd-obrach eile sa Phàrlamaid.

Cha bhi an Coimiseanair a’ dèiligeadh ris a h-UILE gearran mu Bhall Pàrlamaid:

  • Bidh gearanan mu ghiùlan Bhall Pàrlamaid ann an coinneamhan na Pàrlamaid a’ dol chun an Oifigeir-riaghlaidh.
    • Bidh gearanan mu ghiùlan Buill Pàrlamaid ann an comataidh a’ dol gu neach gairm na comataidh.
    • Bidh gearanan mu Bhuidhnean Thar-pàrtaidh a’ dol gu Comataidh nan Inbhean.
    • Bidh gearanan mu chuibhreannan gan cur gu mì-fheum a’ dol gu Buidheann Chorparra Pàrlamaid na h-Alba.
    • Thèid gearanan mu Mhinistearan ag obair mar Mhinistearan, seach Buill Pàrlamaid na h-Alba, dèiligeadh riutha le oifis a’ Phrìomh Mhinisteir ann an Taigh Naoimh Anndrais.

Cha bhi an Coimiseanair a’ toirt comhairle choitcheann do neach sam bith mun Chòd-ghiùlain no mun cheist a bheil e coltach gun tèid an còd a bhriseadh ma leanar ceumannan a tha air am moladh – tha sin na phàirt de obair chlàrcan Comataidh nan Inbhean.

Ciamar a thogas tu gearan mu BhPA?

Bu chòir gearanan a bhith air an togail ann an sgrìobhadh gu Coimiseanair nan Inbhean le ainm sgrìobhte agus seòladh an neach-gearain. (Ged a dh’fhaodar post dealain a chleachdadh airson conaltraidh, chan fhaodar a chleachdadh airson a’ ghearain sa chiad dol-a-mach). Bu chòir do ghearanan am BPA a tha an sàs sa ghnothach ainmeachadh agus na rudan a thachair a chur an cèill, le fianais-taice sam bith. Bu chòir gun tèid gearanan a thogail taobh a-staigh bliadhna bhon neach-gearain aire a thoirt dhan ghiùlan mu bheilear a’ gearan. Chan fhaodar leantainn le gearanan nach eil a’ freagairt nan cumhaichean seo, m.e. gearanan gun urrainn gun ainm; nì Comataidh Inbhean na Pàrlamaid, seach an Coimiseanair, co dhùnadh a thaobh seo.

Tha e na chuideachadh ma tha luchd-gearain airson na pàirtean dhen Chòd-ghiùlain, a tha iad a’ creidsinn a chaidh am briseadh, ainmeachadh.

Dè thachras an uair sin?

Leigidh an Coimiseanair fios dhan BhPA mun ghearan agus innsidh e dha no dhi cò a thog an gearan, mura h-eil adhbhar math gun a bhith ag innse. Le bhith a’ dèanamh seo, bidh an Coimiseanair, mar as trice, a’ cur lethbhreac dhen litir-ghearain agus stuth taice dhan BhPA, gus am bi am Ball tur mothachail air na thathar a’ gearan mu dheidhinn. Aig an ìre seo bheir an Coimiseanair cuireadh dhan BhPA freagairt a dhèanamh.

Ìre 1 - a bheil an gearan ceadaichte?

Feumaidh an Coimiseanair co dhùnadh no mun cheist a bheil a n gearan a' freagairt trì deuchainnean a tha stèidhte san lagh. Gus dol air adhart gu Ìre 2 (sgrùdadh coileanta), feumaidh an gearan a bhith:

  • Buntainneach - feumaidh e a bhith mu ghiùlan BPA. Chan urrainn dha a bhith na "ghearan nach eil ceadaichte" (taobh a-muigh raon-ùghdarrais a' Choimiseanair) mura dh'iarr Comataidh nan Inbhean air a' Choimiseanair a sgrùdadh. Feumaidh e a bhith comasach gun deach an Còd giùlain a bhriseadh - mar sin feumaidh e a bhith mu BhPA a bha ri dleastanasan na Pàrlamaid, chan ann ri obair phoileataigeach nas fharsainge.
  • Ceart a thaobh dòigh-obrach - Bu chòir don ghearan a bhith a' freagairt nan cumhachan air an ainmeachadh fo "Ciamar a thogas tu gearan mu BhPA?"
  • Le susbaint gu leòr gus leigeil le tuilleadh sgrùdaidh a dhol air adhart (sin gu bheil fianais gu leòr ann a sheallas gur docha gun do thachair an giùlan, air an deach an gearan a thogail).

Thathar an dùil nach toir Ìre 1 nas fhaide na dà mhìos - ma bheir, feumaidh an Coimiseanair mìneachadh carson ri Comataidh nan Inbhean, agus, fhad 's nach cuireadh e toradh an sgrùdaidh ann an cunnart, am BPA agus an neach gearain.

Ìre 2 - an do rinn am BPA an rud mun deach gearan a thogail agus a bheil seo a' ciallachadh gun deach an Còd a bhriseadh?

Aig an Ìre seo, bidh an Coimiseanair a' co-dhùnadh dè tha riatanach gus an gearan a sgrùdadh agus thèid e ann an ceann na h-obrach. Tha an cumhachd aige, ma bhios feum air, toirt air fianaisean a bhith an làthair agus sgrìobhainnean a shealltainn, le càin no prìosan do dhaoine nach cùm ri seo. Mar as trice nì e agallamh ann an dòigh neo fhoirmeil, ged a dh'fheumas agallamhan a bhith air an clàradh gus am bi cunntas ri fhaighinn air na chaidh a ràdh. Faodaidh an fheadhainn, a tha dol tro agallamh, taic fhaighinn bho neach eile ma tha iad ga iarraidh agus gheibh iad eadar-theangaiche ma dh'fheumas iad fear. Ma bhios geàrr-chunntas de dh' agallamh a' dol an cois aithisg a' Choimiseanair, feumaidh an neach a chaidh tron agallamh an cothrom fhaighinn sùil a thoirt air agus ceartachaidhean, air nì sgrìobhte sam bith a tha air a chleachdadh gus an aithisg atharrachadh no a tha ceangailte ris, a mholadh.

Aig deireadh an sgrùdaidh, sgrìobhaidh an Coimiseanair aithisg, a' sealltainn na fhuair e. Faodaidh e co-dhùnadh a dhèanamh an dèidh a bhith cothromachadh cho coltach agus a bha e gun do thachair rudeigin. Gheibh am BPA agus an neach-gearain an cothrom dreach na h-aithisg fhaicinn, gun cho-dhùnaidhean, gus molaidhean a dhèanamh air mar a ghabhadh nì sam bith a tha sgrìobhte a chur ceart, agus thèid dèiligeadh riutha mar gu h àrd. Ma thèid briseadh dhen Chòd a thoirt am follais, feumaidh am BPA cothrom fhaighinn agartas a dhèanamh air an aithisg shlàin. Thèid an aithisg gu Comataidh Inbhean na Pàrlamaid agus dh'fhaoidte gun gabh no nach gabh iad ri co dhùnadh a' Choimiseanair. Faodaidh an Comataidh iarraidh air a' Choimiseanair tuilleadh sgrùdadh a dhèanamh no faodaidh an Comataidh fhèin sgrùdadh a ghabhail os làimh. Nuair a bhios an sgrùdadh seachad nì an Comataidh beachdachadh air na ceuman a thèid a mholadh dhan Phàrlamaid ma thathar air gabhail ris a' ghearan.

Tha cuid de na brisidhean as miosa dhen Chòd air am measadh mar eucoirean. Ann an suidheachaidhean mar seo, chuireadh an Coimiseanair brath air a' Phoileas gus sgrùdadh a dhèanamh air a' chùis. Nuair a bhios am pròiseas sin seachad faodaidh na pròiseasan àbhaisteach leantainn orra a-rithist.

Thathar an dùil nach toir Ìre 2 nas fhaide na 6 mìosan - ma bheir, feumaidh an Coimiseanair mìneachadh a thoirt seachad, air an aon dòigh agus aig Ìre 1.

Dè an toradh a thig às?

Mura h-eil an gearan ceadaichte aig Ìre 1, sin deireadh na cùise. Ma thèid e gu Ìre 2, thig briseadh dhen Chòd am follais no cha tig. Ma tha briseadh air a bhith ann, tha e an urra ris a' Phàrlamaid co-dhùnadh a dhèanamh, le moladh bho Chomataidh nan Inbhean, air dè bu chòir tachairt don BhPA. Faodaidh a' Phàrlamaid stad no bacadh a chur air Ball bho bhith an sàs ann an cùisean Pàrlamaid airson ùine. Ann an suidheachaidhean àraid is urrainn do Bhall a bhith air a chumail a-mach gu tur airson ùine. Cuideachd is urrainn don Phàrlamaid còraichean agus sochairean Buill a thoirt air falbh, a' cunntas na còire aca goireasan, seirbheisean agus togalaichean pàrlamaideach a chleachdadh.

An cois eucoirean thig càintean suas ri £5000, ach is e gnothach nan Cùirtean a tha sin.

Dè thachras mura h-eil thu toilichte le co-dhùnadh a' choimiseanair?

Aig Ìre1, tha e an urra ris a' Choimiseanair a-mhàin a ràdh a bheil gearan ceadaichte. Tha seo air sgàth 's gu bheil an obair aige neo-eisimeileach bhon Phàrlamaid, ach is e buil an t-suidheachaidh nach eil dòigh an sàs gus tagradh a dhèanamh an aghaidh co-dhùnadh a' Choimiseanair. Gabhaidh dùbhlan laghail a thogail an aghaidh a' Choimiseanair, ged-thà, tro ath-bhreithneachadh laghail, ma thathar a' smaoineachadh nach do rinn e ceart a thaobh an lagha. Aig Ìre 2 chan eil Comataidh nan Inbhean air an ceangail le breith a' Choimiseanair. Mar sin b' urrainn do neach mì-thoilichte agartas a dhèanamh ris a' Chomataidh.

A' cur brath dhan Choimiseanair

Sgrìobh gu:

Coimiseanair nan Inbhean
Pàrlamaid na h-Alba
Dùn Èideann
EH99 1SP

Cuir Fòn gu:
Fòn: 0131 348 6666 (Thathar a' cur fàilte air brathan tro RNID Typetalk )
Fòn-làimhe: 07909 872726
Facs : 0131 348 6834

Post-dealain: standards.commissioner@scottish.parliament.uk

Ruigsinneachd

Tha an Coimiseanair a' cur roimhe gum bi na ceuman airson gearanan a thogail buileach so-ruigsinneach. Cuiribh brath, mas e ur toil e, dhan Choimiseanair ma tha iarrtasan sònraichte agaibh ( m.e. ma dh'fheumas litrichean bhon Choimiseanair a bhith ann an cruth sònraichte, mar Bhraille no clò mòr)

Ma dh'fheumas tu lethbhreac dhen bhileig seo ann an cànan no cruth eile ( m.e. Braille , teip, etc.) cuir brath chun a' Choimiseanair.

Aithris air Achd Dìon Data

Airson adhbharan Achd Dìon Data 1998 ('an Achd'), is e an Coimiseanair rianadair data an fhiosrachaidh air fad a dh'fhaodadh daoine beò a chomharrachadh ('data pearsanta'): fiosrachadh air daoine a tha ann an gearanan no a' buntainn ri gearanan ris a bheil e a' dèiligeadh - mar eisimpleir, ainmean agus fiosrachadh pearsanta luchd-gearain, BPA, agus treas pàrtaidhean. Cumaidh an Coimiseanair a h-uile pìos data pearsanta, gu tèarainte, airson co-dhiù còig bliadhna. Thèid am fiosrachadh seo a chleachdadh leis a' Choimiseanair gus a chuideachadh na obair, a' sgrùdadh agus a' dèiligeadh ri gearanan mu Bhuill Pàrlamaid. Cha tèid a sgaoileadh ach airson an Coimiseanair a chuideachadh ann a bhith a' dèanamh obair no far a bheil iarraidh air, fon lagh no Gnàth-riaghailtean Pàrlamaideach - is e dèanamh na h-aithisg aige do Chomataidh nan Inbhean am prìomh eisimpleir. Mar as trice bheir Comataidh nan Inbhean an aithisg am follais dhan Phobaill cuide ri a h aithisg fhèin dhan Phàrlamaid.

Bidh an Coimiseanair cuideachd a' dèanamh aithisg bhliadhnail dhan Phàrlamaid, anns am faodadh, gu math ainneamh, data pearsanta a bhith. Is dòcha gum feum an Coimiseanair fiosrachadh a chur a dh'ionnsaigh a' Phoileis agus ùghdarrasan-casaid ma bhios gearan ann far a bheil e coltach gun robh BPA ri eucoir. Is urrainn do dhaoine faighneachd feuch am faic iad data pearsanta mun deidhinn fhèin a tha an Coimiseanair a' cumail ('cothrom air fiosrachadh') airson cìs suas ri £10 aig a' char as àirde. Air sgàth 's gu bheil an Coimiseanair ri obair riaghlaiche, dh'fhaoidte gum bi cuid dhen obair a bhios e a' dèanamh saor bho chuid dhe na h-ullachaidhean anns an Achd (m.e. còir cothruim air fiosrachadh) ann an cuid de shuidheachaidhean.